Saoghal na Gàidhlig agus Saoghal na Beurla

 Tha 1.1 millean luchd-leantail aig duilleag Facebook na Comhairle Breatannaich airson luchd-teagaisg na Beurla: Teaching English – British Council.

Agus air an t-seachdain seo, chaidh fios a chur thuca mu thachartais chudromaich ann an saoghal na Gàidhlig ann an Uibhist a Deas nuair a chaidh post a sgaoileadh air an duilleag le ceangal ann dhan bhidio aig Guthan nan Eilean air Ceòlas. Chaidh ceangal a bharrachd a chur ann cuideachd dhan aonad ann an Clilstore a tha stèidhte air an aon bhidio.

Tha luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh na Beurla ann gu pailt air feadh an t-saoghail. Nach math gun deach a chur nan cuimhne nach e dùthaich dìreach aon-chànanach a th’ ann am Breatann fhèin!

One thought on “Saoghal na Gàidhlig agus Saoghal na Beurla

Leave a Reply to Niall Beag Cancel reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *