{"id":4059,"date":"2018-09-25T15:23:57","date_gmt":"2018-09-25T15:23:57","guid":{"rendered":"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/?p=4059"},"modified":"2018-09-25T15:23:57","modified_gmt":"2018-09-25T15:23:57","slug":"sealladh-eorpach-air-saoghal-thormoid","status":"publish","type":"post","link":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/2018\/09\/25\/sealladh-eorpach-air-saoghal-thormoid\/","title":{"rendered":"Sealladh E\u00f2rpach air Saoghal Thormoid"},"content":{"rendered":"<p><a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/sgeulachdan-thormoid\/\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignright wp-image-3595 size-medium\" title=\"Saoghal Thormoid\" src=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2016\/10\/norman.jpg?w=300\" alt=\"\" width=\"300\" height=\"175\" srcset=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2016\/10\/norman.jpg 770w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2016\/10\/norman-300x175.jpg 300w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2016\/10\/norman-768x447.jpg 768w\" sizes=\"auto, (max-width: 300px) 100vw, 300px\" \/><\/a>Mar a tha fios againn, bha Tormod MacGill-Eain gu math d\u00e8idheil air c\u00e0nain. Bha G\u00e0idhlig agus Beurla aige bho th\u00f9s, agus ch\u00f2rd e ris a bhith ag ionnsachadh feadhainn eile cuideachd \u2013 Eadailtis, Frangais, agus Gearmailtis nam measg. Tha sinn air a bhith a\u2019 cluinntinn cuideachd, o chionn treiseag a-nis, mu dheidhinn nan \u2018<a href=\"https:\/\/gd.wikipedia.org\/wiki\/Na_G%C3%A0idheileamailtich\">G\u00e0idheileamailteach<\/a>\u2019 a tha ag ionnsachadh G\u00e0idhlig thall sa Ghearmailt, mar eisimpleir sna clasaichean air an ruith le <a href=\"https:\/\/gd.wikipedia.org\/wiki\/Michael_Klevenhaus\">M\u00eccheal Klevenhaus<\/a> aig <a href=\"http:\/\/www.schottisch-gaelisch.de\/Start_-_Dachaigh.html\">Acadamaidh na G\u00e0idhlig sa Ghearmailt<\/a>.<\/p>\n<p>Ann an seachdain <a href=\"https:\/\/edl.ecml.at\/\">Latha E\u00f2rpach nan C\u00e0nan<\/a>, sgr\u00ecobh Stefanie Linzer thugainn mu dheidhinn clas san robh i fh\u00e8in, far an robh iad a\u2019 cleachdadh <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/sgeulachdan-thormoid\/\">Saoghal Thormoid<\/a> mar stuth-ionnsachaidh. Nach e a bhiodh toilichte agus fios aige gu bheil daoine fhathast cho d\u00e8idheil air a bhith ag \u00e8isteachd ris \u2013 mar a tha sinne aig Guthan nan Eilean gum bi daoine a\u2019 cur na cl\u00e0raidhean a rinn sinn gu feum! Seo am p\u00ecos a sgr\u00ecobh Stefanie, le molaidhean glic aice aig an deireadh. Nach math a rinn i!<\/p>\n<p>Gum biodh Latha E\u00f2rpach nan C\u00e0nan sona againn uile!<\/p>\n<p><em><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignleft wp-image-4061\" title=\"Stefanie Linzer\" src=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2018\/09\/stefanielinzer.jpg?w=300\" alt=\"\" width=\"182\" height=\"183\" srcset=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2018\/09\/stefanielinzer.jpg 427w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2018\/09\/stefanielinzer-300x300.jpg 300w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2018\/09\/stefanielinzer-150x150.jpg 150w\" sizes=\"auto, (max-width: 182px) 100vw, 182px\" \/>Mar ph\u00e0irt den chlas Gh\u00e0idhlig againn ann am Bonn san L\u00f9nastal 2018, chaidh sinn tron chiad agallamh a rinn Gordon Wells c\u00f2mhla ri Tormod Mac Gill-Eain. &#8216;S e \u201c<a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/2016\/11\/07\/saoghal-thormoid-diluain-sinnsireachd\/\">Saoghal Thormoid: Diluain \u2013 Sinnsireachd<\/a>\u201d a th&#8217; air, is dh&#8217;innis\u00a0Tormod dhuinn mu a bheatha is a theaghlach. Chan eil fhios agam an cuala mi G\u00e0idhlig na b&#8217; fhe\u00e0rr a-riamh. <\/em><\/p>\n<p><em>Ach aig an aon \u00e0m feumaidh mi aideachadh gun robh mi a&#8217; faireachdainn caran g\u00f2rach a bhith ag \u00e8isteachd ris an duine ainmeil seo o chionn &#8216;s nach do thuig mi ach gl\u00e8 bheag den agallamh aig an toiseach. Bha e cianail doirbh. Le deagh adhbhar cha tug an tidsear an teacsa dhuinn\u00a0ro l\u00e0imh an d\u00f9il gun leasaich sinn na sgilean againn agus bha sinn uile den bheachd gum b&#8217; e d\u00f9bhlan m\u00f2r a bha seo. Chaidh faighneachd dhinn d\u00e8 bha sinn air tuigsinn is cha t\u00e0inig m\u00f2ran \u00e0s, ach chruinnich sinn c\u00f2mhla na bh&#8217;againn. An uair sin chaidh sinn tron agallamh a-rithist is mhothaich sinn gun do rinn sinn adhartas. Gu fortanach fhuair sinn uile an teacsa \u00e0s d\u00e8idh sin is leis an teacsa nar l\u00e0imh, dh&#8217;fh\u00e0s cnag na c\u00f9ise gu math soilleir a bhith ag \u00e8isteachd ris an agallamh is ga leughadh aig an aon \u00e0m. <\/em><\/p>\n<p><em>Fhuair sinn t\u00f2rr a-mach mu bheatha Thormoid: a theaghlach, a&#8217; Gh\u00e0idhlig san teaghlach, a shaoghal nuair a bha e \u00f2g is san fharsaingeachd c\u00f2 leis a bha e. Bha sinn uile den bheachd gum b&#8217; e duine laghach comasach, sp\u00f2rsail a bh&#8217; ann, fear a bha moiteil \u00e0s a bheatha gun a bhith m\u00f2r \u00e0s fh\u00e8in. A bharrachd air sin dh&#8217;ionnsaich sinn an t-uabhas: faclan \u00f9ra is abairtean nam measg. Chanainn gun robh sinn fortanach gun robh cothrom a chl\u00e0raidh ann fhathast is mholainn an sreath airson luchd-ionnsachaidh ann an saoghal na G\u00e0idhlig. Gabhaibh an cothrom is na caillibh ur misneachd mura tuig sibh a h-uile s\u00econ sa bhad.\u00a0<\/em><\/p>\n<p><em>Le Steafanaidh Linzer<\/em><\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Mar a tha fios againn, bha Tormod MacGill-Eain gu math d\u00e8idheil air c\u00e0nain. Bha G\u00e0idhlig agus Beurla aige bho th\u00f9s, agus ch\u00f2rd e ris a bhith ag ionnsachadh feadhainn eile cuideachd \u2013 Eadailtis, Frangais, agus Gearmailtis nam measg. Tha sinn air a bhith a\u2019 cluinntinn cuideachd, o chionn treiseag a-nis, mu dheidhinn nan \u2018G\u00e0idheileamailteach\u2019 a &hellip; <a href=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/2018\/09\/25\/sealladh-eorpach-air-saoghal-thormoid\/\" class=\"more-link\">Continue reading <span class=\"screen-reader-text\">Sealladh E\u00f2rpach air Saoghal Thormoid<\/span><\/a><\/p>\n","protected":false},"author":2,"featured_media":0,"comment_status":"open","ping_status":"open","sticky":false,"template":"","format":"standard","meta":{"footnotes":""},"categories":[4,5],"tags":[],"class_list":["post-4059","post","type-post","status-publish","format-standard","hentry","category-classes","category-community"],"_links":{"self":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/4059","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/posts"}],"about":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/types\/post"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/users\/2"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=4059"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/4059\/revisions"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=4059"}],"wp:term":[{"taxonomy":"category","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/categories?post=4059"},{"taxonomy":"post_tag","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/tags?post=4059"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}