{"id":3960,"date":"2017-12-15T20:05:01","date_gmt":"2017-12-15T20:05:01","guid":{"rendered":"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/?p=3960"},"modified":"2017-12-15T20:05:01","modified_gmt":"2017-12-15T20:05:01","slug":"coimhead-air-ais-air-guthan-nan-eilean","status":"publish","type":"post","link":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/2017\/12\/15\/coimhead-air-ais-air-guthan-nan-eilean\/","title":{"rendered":"Coimhead air ais air Guthan nan Eilean"},"content":{"rendered":"<p><a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/about\/\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignleft wp-image-3856\" title=\"About Island Voices\" src=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/08\/gnane.jpg?w=300\" alt=\"\" width=\"231\" height=\"185\" srcset=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/08\/gnane.jpg 720w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/08\/gnane-300x240.jpg 300w\" sizes=\"auto, (max-width: 231px) 100vw, 231px\" \/><\/a>Tha 10 bliadhna air a dhol seachad on a th\u00e0inig <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/series-one\/\">Sreath 1<\/a> dhe na bhideothan aig <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/about\/\">Guthan nan Eilean<\/a> a-mach air DVD. Tha am pr\u00f2iseact air f\u00e0s gu m\u00f2r on uair sin ann an diofar dh\u00f2ighean. Tha a h-uile rud air-loidhne a-nis (seach air DVD); chuir Sreath 2 (<a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/series-two-outdoors\/\">Outdoors<\/a>, <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/series-two-generations\/\">Generations<\/a>, <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/series-two-enterprise\/\">Enterprise<\/a>) gu m\u00f2r ris an uiread de bhideothan air an d\u00e8anamh le luchd-obrach a\u2019 phr\u00f2iseict; agus tha muinntir nan eilean agus buidhnean sa choimhearsnachd air a dhol an-s\u00e0s ann an stuthan ionnsachaidh a chruthachadh dhaibh fh\u00e8in. \u2019S d\u00f2cha gur e an aon rud nach eil air atharrachadh gu bheil an cuideam as truime fhathast ga chur air feuchainn ri cl\u00e0radh G\u00e0idhlig sam bith a thig a-mach \u00e0s a\u2019 phr\u00f2iseict a st\u00e8idheachadh air beatha nan G\u00e0idheal anns na h-eileanan. Gabhaidh sin fhaicinn fi\u00f9 \u2019s sna sreathan \u00e0s \u00f9ire \u2013 <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/sgeulachdan-thormoid\/\">\u201cSgeulachdan Thormoid\u201d agus \u201cSaoghal Thormoid\u201d<\/a> anns an d\u2019 fhuair am pr\u00f2iseact st\u00f2iridhean agus c\u00f2mhraidhean le Tormod MacGill-Eain san d\u00e0 bhliadhna mu dheireadh, agus e air seatlaigeadh air ais ann an Uibhist.<\/p>\n<p><strong>Taic do luchd-ionnsachaidh<\/strong><\/p>\n<p>Th\u00f2isich Guthan nan Eilean (le taic bhon Aonadh E\u00f2rpach) mar sgeama airson taic sh\u00ecmplidh a thoirt do luchd-teagaisg agus do luchd-ionnsachaidh le bhith a\u2019 cleachdadh teicne\u00f2las \u00f9r. Mar sin, bho th\u00f9s tha am pr\u00f2iseact air a bhith airson comasan a leasachadh measg dhaoine sa choimhearsnachd ann a bhith a&#8217; cruthachadh agus a&#8217; sgaoileadh stuthan ionnsachaidh. Leis gu bheil barrachd stuth ann airson luchd-t\u00f2iseachaidh, san fharsaingeachd, na tha airson daoine a tha airson cumail orra gu fileantas, chuir am pr\u00f2iseact cuideam air stuthan aig \u00ecre caran nas \u00e0irde na an \u00e0bhaist \u2013 le measgachadh de phr\u00f2graman aithriseach, agus agallamhan le daoine sa choimhearsnachd a\u2019 bruidhinn gu n\u00e0darra. \u2019S e sin an se\u00f2rsa rud a tha ri fhaotainn ann an Sreathan 1 agus 2, le taic a bharrachd ann tro <a href=\"http:\/\/multidict.net\/clilstore\/about.html\">Chlilstore<\/a> a bheir dhut an tar-sgr\u00ecobhadh air-loidhne cuide ris an fhilm fh\u00e8in.<\/p>\n<p><strong>Air an d\u00e8anamh leis a\u2019 choimhearsnachd<\/strong><\/p>\n<p><a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/2015\/01\/22\/community-voices-collected\/\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignright wp-image-3098\" title=\"&quot;Community Voices Collected&quot;\" src=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2015\/01\/newpagescomp.jpg?w=300\" alt=\"\" width=\"231\" height=\"179\" srcset=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2015\/01\/newpagescomp.jpg 532w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2015\/01\/newpagescomp-300x232.jpg 300w\" sizes=\"auto, (max-width: 231px) 100vw, 231px\" \/><\/a>An d\u00e8idh na sreathan sin, dh\u2019atharraich an d\u00f2igh-obrach sa phr\u00f2iseact. Chan e an luchd-obrach a chruthaich na stuthan \u00f9ra, ach daoine sa choimhearsnachd fh\u00e8in. Ch\u00ecthear sin, mar eisimpleir, air na duilleagan <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/the-great-war\/\">\u201cThe Great War\u201d<\/a> no <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/bonnie-prince-charlie\/\">\u201cBonnie Prince Charlie\u201d<\/a>, sreathan a chaidh a dh\u00e8anamh ann an co-obrachadh le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath agus St\u00f2ras Uibhist, far an do rinn daoine mar M\u00e0iri Mhoireasdan, Tommy D\u00f2mhnallach is eile an cl\u00e0raidhean fh\u00e8in airson sgaoileadh air l\u00e0rach a\u2019 phr\u00f2iseict. San d\u00f2igh seo fhuair am pr\u00f2iseact st\u00f2iridhean \u00f9ra aig \u00ecre fi\u00f9 \u2019s nas fhaisge air a\u2019 coimhearsnachd, agus bha cothrom aig daoine \u00f9ra a dhol an-s\u00e0s san obair agus sgilean a leasachadh.<\/p>\n<p><strong>Meadhanan s\u00f2isealta agus c\u00e0nanan eile<\/strong><\/p>\n<p><a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/other-tongues\/\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignleft wp-image-3834 size-medium\" style=\"border:1px solid #000000;\" title=\"&quot;Other Tongues&quot;\" src=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/07\/language-bubbles.jpg?w=300\" alt=\"\" width=\"300\" height=\"129\" srcset=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/07\/language-bubbles.jpg 1829w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/07\/language-bubbles-300x129.jpg 300w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/07\/language-bubbles-1024x442.jpg 1024w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/07\/language-bubbles-768x331.jpg 768w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/07\/language-bubbles-1536x663.jpg 1536w\" sizes=\"auto, (max-width: 300px) 100vw, 300px\" \/><\/a>Th\u00f2isich am pr\u00f2iseact air-loidhne air <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/about\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">WordPress<\/a> (airson l\u00e0rach-l\u00ecn) agus <a href=\"https:\/\/www.youtube.com\/user\/GordonWellsUist\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">YouTube<\/a> (airson nam filmichean). Ach an uair sin chaidh duilleag <a href=\"https:\/\/www.facebook.com\/GuthanVoices\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Facebook<\/a> a chur air d\u00f2igh airson cuideachadh le fios a sgaoileadh mu na bha a\u2019 dol anns a\u2019 phr\u00f2iseact agus anns a\u2019 choimhearsnachd. Tha cunntas <a href=\"https:\/\/twitter.com\/GuthanVoices\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Twitter<\/a> ann cuideachd, agus a-nis tha timcheall air 3,000 luchd-leantainn ann uile gu l\u00e8ir, a tha sgapte air feadh an t-saoghail. Bho th\u00f9s bha am pr\u00f2iseact ag obair gu d\u00e0-ch\u00e0nanach le G\u00e0idhlig agus Beurla. Ach, mar a tha c\u00f9isean air f\u00e0s is air leasachadh, tha <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/other-tongues\/\">c\u00e0nanan eile<\/a> air nochdadh ann, leithid G\u00e0idhlig na h-\u00c8ireann, Cuimris, Basgais, is eile. Aon uair is gun t\u00f2isich iad air c\u00e0nan \u00f9r ionnsachadh tha an \u00f9idh aig cuid a\u2019 f\u00e0s ann an d\u00e0-ch\u00e0nanas, agus mar as urrainn dhaibh c\u00e0nanan eadar-dhealaichte a chleachdadh c\u00f2mhla.<\/p>\n<p><strong>Tormod MacGill-Eain<\/strong><\/p>\n<p><a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/2017\/09\/18\/dileab-thormoid-dhuinn\/\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignright wp-image-3882 size-medium\" title=\"&quot;D\u00ecleab Thormoid&quot;\" src=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/09\/normandaliburgh.jpg?w=300\" alt=\"\" width=\"300\" height=\"225\" srcset=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/09\/normandaliburgh.jpg 480w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/09\/normandaliburgh-300x225.jpg 300w\" sizes=\"auto, (max-width: 300px) 100vw, 300px\" \/><\/a>\u2019S d\u00f2cha gum b\u2019 e Tormod MacGill-Eain an duine a bu chliobhaire gus sin a thuigsinn, agus e aig an aon \u00e0m fear dhe na daoine a b\u2019 fhe\u00e0rr airson sgeulachdan G\u00e0idhlig is eile a chl\u00e0radh. As d\u00e8idh dha tilleadh a dh\u2019Uibhist rinn e p\u00ecos no dh\u00e0 airson Sreath 2 an toiseach. Chaidh e an-s\u00e0s anns na duilleagan \u201c<a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/storytellers\/\">Storytellers<\/a>\u201d agus \u201c<a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/the-great-war\/\">Great War<\/a>\u201d cuideachd. Ach \u2019s e na \u201cpi\u00e8ces do r\u00e9sistance\u201d aige na sreathan a rinn e aig deireadh a bheatha, agus bha am pr\u00f2iseact gu math fortanach gun d\u2019 fhuaras an cothrom a ghuth a chl\u00e0radh fhad \u2019s a bha an comas fhathast aige gus na st\u00f2iridhean aige fh\u00e8in innse san stoidhle aige fh\u00e8in (\u201cSgeulachdan Thormoid\u201d) agus, an uair sin, a bheachdan agus a chuimhneachan air beatha nan G\u00e0idheal eadar Glaschu agus na h-Eileanan a mh\u00ecneachadh ann an sreath de ch\u00f2mhraidhean fada (\u201cSaoghal Thormoid\u201d). Tha na cl\u00e0raidhean sin uile rim faighinn a-nis ann an aon \u00e0ite air l\u00e0rach a\u2019 phr\u00f2iseict fon tiotal <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/2017\/09\/18\/dileab-thormoid-dhuinn\/\">\u201cD\u00ecleab Thormoid\u201d<\/a>. Agus chan eil teagamh ach gur e st\u00f2ras s\u00f2nraichte a tha seo a chumas luchd-ionnsachaidh adhartach agus luchd-rannsachaidh eile gu math trang sna bliadhnaichean ri teachd.<\/p>\n<p><strong>G\u00e0idhlig mar a tha i ga bruidhinn<\/strong><\/p>\n<p>Ged \u2019s ann airson luchd-ionnsachaidh a chaidh Guthan nan Eilean a st\u00e8idheachadh, tha e air a bhith a\u2019 feuchainn bho th\u00f9s ri bhith a\u2019 glacadh agus a\u2019 cleachdadh c\u00e0nan nan daoine fh\u00e8in anns na coimhearsnachdan. Chaidh cuideam a chur air G\u00e0idhlig mar a tha i ga bruidhinn \u2013 ged a tha taic sgr\u00ecobhte ann cuideachd dhaibhsan a tha ga h-iarraidh air neo a tha ga faighinn cuideachail. Mar sin tha luchd-chleachdaidh a\u2019 phr\u00f2iseict a\u2019 faighinn blasad chan ann a-mh\u00e0in air a\u2019 ch\u00e0nan agus mar a tha G\u00e0idhlig air a cleachdadh ann an dha-r\u00ecreabh san latha an-diugh, ach cuideachd air d\u00f2igh-beatha eileanach nan G\u00e0idheal san t-saoghail ioma-ch\u00e0nanach, ioma-chultarach anns a bheil sinn be\u00f2.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Tha 10 bliadhna air a dhol seachad on a th\u00e0inig Sreath 1 dhe na bhideothan aig Guthan nan Eilean a-mach air DVD. Tha am pr\u00f2iseact air f\u00e0s gu m\u00f2r on uair sin ann an diofar dh\u00f2ighean. Tha a h-uile rud air-loidhne a-nis (seach air DVD); chuir Sreath 2 (Outdoors, Generations, Enterprise) gu m\u00f2r ris an &hellip; <a href=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/2017\/12\/15\/coimhead-air-ais-air-guthan-nan-eilean\/\" class=\"more-link\">Continue reading <span class=\"screen-reader-text\">Coimhead air ais air Guthan nan Eilean<\/span><\/a><\/p>\n","protected":false},"author":2,"featured_media":0,"comment_status":"open","ping_status":"open","sticky":false,"template":"","format":"standard","meta":{"footnotes":""},"categories":[2,3,4,5,6,7,8],"tags":[],"class_list":["post-3960","post","type-post","status-publish","format-standard","hentry","category-audio","category-call","category-classes","category-community","category-research","category-ugc","category-video"],"_links":{"self":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/3960","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/posts"}],"about":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/types\/post"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/users\/2"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=3960"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/3960\/revisions"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=3960"}],"wp:term":[{"taxonomy":"category","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/categories?post=3960"},{"taxonomy":"post_tag","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/tags?post=3960"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}