{"id":3908,"date":"2017-09-18T14:30:05","date_gmt":"2017-09-18T14:30:05","guid":{"rendered":"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/?p=3908"},"modified":"2017-09-18T14:30:05","modified_gmt":"2017-09-18T14:30:05","slug":"dileab-thormoid-dhuinn","status":"publish","type":"post","link":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/2017\/09\/18\/dileab-thormoid-dhuinn\/","title":{"rendered":"D\u00ecleab Thormoid"},"content":{"rendered":"<p><a href=\"https:\/\/en.wikipedia.org\/wiki\/Tormod_MacGill-Eain\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"aligncenter wp-image-3882 size-full\" title=\"Tormod MacGill-Eain (Wikipedia)\" src=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/09\/normandaliburgh.jpg\" alt=\"\" width=\"480\" height=\"360\" srcset=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/09\/normandaliburgh.jpg 480w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/09\/normandaliburgh-300x225.jpg 300w\" sizes=\"auto, (max-width: 480px) 100vw, 480px\" \/><\/a><\/p>\n<p>Tha beagan \u00f9ine air a dhol seachad a-nis on a chaochail Tormod MacGill-Eain (31\/08\/17) aig aois 80 bliadhna. Agus chaidh t\u00f2rr a sgr\u00ecobhadh ma dheidhinn mar-th\u00e0, ann am p\u00e0ipearan naidheachd is eile, far an deach a mholadh gu m\u00f2r:<\/p>\n<p><a href=\"https:\/\/www.thetimes.co.uk\/article\/norman-maclean-zncc7v8bk\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">The Times (Peter Ross)<\/a><br \/>\n<a href=\"http:\/\/www.heraldscotland.com\/opinion\/15511925.Obituary___Norman_MacLean__comedian_and_writer_known_as_the_Gaelic_Billy_Connolly\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">The Herald (Phil Davison)<\/a><br \/>\n<a href=\"https:\/\/twitter.com\/aonghasphadraig\/status\/907190449747709952\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">The West Highland Free Press (Angus Peter Campbell)<\/a><br \/>\n<a href=\"http:\/\/bellacaledonia.org.uk\/2017\/09\/05\/remembering-norman-maclean\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Bella Caledonia (Jamie Chambers)<br \/>\n<\/a><a href=\"http:\/\/www.scotsman.com\/news\/obituaries\/obituary-norman-maclean-scholar-entertainer-and-gaelic-legend-1-4573723\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">The Scotsman (John MacLeod)<\/a><\/p>\n<p>Mar a thuirt sinn air Facebook agus Twitter aig an \u00e0m, chan eil na faclan againne airson rud nas br\u00ecoghmhor na na chaidh a sgr\u00ecobhadh shuas a r\u00e0dh mun duine fh\u00e8in. Ach \u2019s e rud m\u00f2r m\u00f2r a rinn Tormod airson Guthan nan Eilean thairis air na bliadhnaichean, agus tha c\u00f2ir againn an d\u00ecleab a dh\u2019fh\u00e0g e dhuinn a chomharrachadh le taing agus meas m\u00f2r.<\/p>\n<p><a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/series-two-enterprise\/\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignright wp-image-3881 size-medium\" style=\"border:1px solid #000000;\" title=\"Enterprise: Am P\u00e0ipear, Units 671-674 &amp; 771-774\" src=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/09\/enterprisefront.jpg?w=300\" alt=\"\" width=\"300\" height=\"245\" srcset=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/09\/enterprisefront.jpg 992w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/09\/enterprisefront-300x245.jpg 300w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2017\/09\/enterprisefront-768x627.jpg 768w\" sizes=\"auto, (max-width: 300px) 100vw, 300px\" \/><\/a>\u2019S ann ann an 2010, beagan as d\u00e8idh dha thilleadh a dh\u2019Uibhist, a th\u00e0inig sinn tarsainn air Tormod an toiseach, fhad \u2019s a bha sinn a\u2019 d\u00e8anamh filmichean mu dheidhinn P\u00e0ipear Uibhist ann an Dalabrog airson <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/series-two-enterprise\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Series 2 Enterpise<\/a> cuide ri Eairdsidh MacAoidh a bha na neach-deasachaidh aig an \u00e0m. Mar a thionndaidh gnothaichean a-mach ghabh e p\u00e0irt mh\u00f2r sna filmichean aithriseach (G\u00e0idhlig agus Beurla), ach a bharrachd air an sin thug e d\u00e0 agallamh dhuinn agus d\u00e0 ph\u00ecos \u201cto camera\u201d air a thoil fh\u00e8in, agus iad sin san stoidhle sh\u00f2nraichte aige ann an guth soilleir l\u00e0idir. Abair toradh dhuinne agus dhan obair a bha sinn a\u2019 d\u00e8anamh!<\/p>\n<p>Ach cha b\u2019 e sin ach toiseach an sge\u00f2il. Beagan bhliadhnaichean an d\u00e8idh sin, nuair a bha am pr\u00f2iseact air gluasad air adhart rud beag, agus a\u2019 feuchainn ri obair chl\u00e0raidh a bhrosnachadh sa choimhearsnachd, chaidh M\u00e0iri Mhoireasdan a thadhal air Tormod a-rithist, agus e a-nis a\u2019 fuireach ann an Griomasaigh. Bha M\u00e0iri a\u2019 sireadh sgeulachdan \u2013 agus sin a fhuair i gun teagamh sam bith! Nan robh i d\u00ecreach air \u201c\u00c0iridh na h-Aon Oidhche\u201d a-mh\u00e0in fhaighinn \u2019s i a bhiodh toilichte, ach a-rithist, aon uair \u2019s gun robh Tormod air t\u00f2iseachadh bha e doirbh stad a chur air. Agus mar sin fhuair sinn dhachaidh le \u201cBl\u00e0r Ch\u00e0irinis\u201d sa chamara againn cuideachd, agus an d\u00e0 sgeul sin a\u2019 nochdadh air an duilleag \u201c<a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/storytellers\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Storytellers<\/a>\u201d againn fh\u00e8in, ach cuideachd an d\u00e8idh sin air an gabhail agus air an leasachadh le <a href=\"http:\/\/www.tracscotland.org\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">TRACS<\/a> aig an Scottish Storytelling Centre ann an D\u00f9n \u00c8ideann.<\/p>\n<p>B\u2019 e an ath rud a bh\u2019 aig M\u00e0iri An Cogadh M\u00f2r \u2013 pr\u00f2iseact a rinn i le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath. Bha p\u00e0irt aig Tormod an sin cuideachd, agus tillidh sinn thuice sin aig an deireadh. Ach an uair sin, th\u00e0inig am \u201cBig Bang\u201d \u2013 d\u00e0 phr\u00f2iseact m\u00f2r a rinn Tormod air ar son san d\u00e0 bhliadhna mu dheireadh. \u2019S e fh\u00e8in a dh\u2019fhaighnich an toiseach am biodh \u00f9idh againn ann an sreath de sgeulachdan a bha e air sgr\u00ecobhadh a chl\u00e0radh. Cha b\u2019 e ruith ach leum dhuinn gabhail ris! \u2019S iad sin na seachd bhideothan a nochd an toiseach mar \u201cSgeulachdan Thormoid\u201d ann an 2015. Le tiotalan mar \u201cM\u00ecorbhailtean ann am Barraigh\u201d, \u201cBodach nan Serviettes\u201d, agus \u201cA Bhean-uasal Nic\u00ecomhair \u00e0 Cnoc an t-Soluis air a\u2019 Bhac\u201d tha fios agad fi\u00f9 \u2019s mus cluinn thu iad gu bheil sp\u00f2rs gu bhith agad gan \u00e8isteachd. Agus ged a bha Tormod a\u2019 faireachdainn aois (78) a-nis, agus a\u2019 leughadh a-mach a\u2019 mh\u00f2r chuid dhiubh, bha stoidhle aige fhathast na dh\u00f2igh-l\u00ecbhrigidh.<\/p>\n<p><a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/sgeulachdan-thormoid\/\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignleft wp-image-3622 size-medium\" title=\"Norman Maclean: &quot;Saoghal Thormoid&quot; &amp; &quot;Sgeulachdan Thormoid&quot;\" src=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2016\/11\/tormodandgordon.jpg?w=300\" alt=\"\" width=\"300\" height=\"168\" srcset=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2016\/11\/tormodandgordon.jpg 1208w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2016\/11\/tormodandgordon-300x168.jpg 300w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2016\/11\/tormodandgordon-1024x572.jpg 1024w, https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-content\/uploads\/2016\/11\/tormodandgordon-768x429.jpg 768w\" sizes=\"auto, (max-width: 300px) 100vw, 300px\" \/><\/a>Agus an uair sin, d\u00ecreach an uiridh, lean sinn \u201cSgeulachdan Thormoid\u201d le \u201cSaoghal Thormoid\u201d, agus iad air an cur c\u00f2mhla air an aon duilleag \u201c<a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/sgeulachdan-thormoid\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Norman Maclean<\/a>\u201d. \u2019S e a th\u2019 ann an &#8220;Saoghal Thormoid&#8221; ach sreath de ch\u00f2mhraidhean anns an tug e dhuinn tr\u00ec uairean gu leth dhen Gh\u00e0idhlig as fhe\u00e0rr a chluinneas tu riamh san latha a th\u2019 ann. Air an cur air d\u00f2igh le <a href=\"http:\/\/www.soillse.ac.uk\/foillseachaidhean-ura\/\">Soillse<\/a> tha na cl\u00e0raidhean sin air a dhol a-staigh dhan Digital Archive of Scottish Gaelic (<a href=\"https:\/\/dasg.ac.uk\/gd\">DASG<\/a>) aig Oilthigh Ghlaschu mar-th\u00e0. Faodaidh sinn a bhith cinnteach gun c\u00f9m iad sin sgoilearan agus luchd-rannsachaidh ch\u00e0nanachais trang gu le\u00f2r sna bliadhnaichean ri teachd! Ach chan ann a-mh\u00e0in airson na G\u00e0idhlig aige, ach cuideachd na beachdan agus na cuimhneachan aige air beatha nan G\u00e0idheal an d\u00e0 chuid ann an Glaschu agus sna h-Eileanan. Mar a thuirt \u00c0rd-Ollamh Conch\u00far \u00d3 Giollag\u00e1in <a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/2017\/06\/13\/normans-world-in-print\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">an seo<\/a>, \u201cTormod\u2019s life is an acknowledgement of the cultural wealth of Gaelic society, and by virtue of this archive, he represents an ambassador to its future.\u201d<\/p>\n<p>Agus chan eil teagamh ach gun tug an obair sin buaidh sh\u00f2nraichte air Gordon Wells, a rinn na cl\u00e0raidhean. Mar a thuirt e ann an <a href=\"https:\/\/gordonwellsuist.wordpress.com\/2016\/11\/29\/from-bol-chaal-to-saoghal-thormoid\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">\u00e0ite eile<\/a>, \u201cThere\u2019s plenty of laughter and entertainment along the way, of course, but it\u2019s well worth listening to Norman for many other reasons than that: vividly recalled childhood memories of mid-Twentieth Century Glasgow and the Hebrides; open introspection on the community relations issues of those days, and their lingering effects; wide-ranging discussion of creative influences in music, literature, and popular entertainment; all brought right up to date with acute, and sometimes cutting, commentary on current affairs, but topped off with a generous commitment to the continued sharing of cultural gems. And all in language that I, as my mother\u2019s son, can only describe as beautiful.\u201d Nach e a bha fortanach gun d\u2019 fhuair e an cothrom na cl\u00e0raidhean seo a dh\u00e8anamh!<\/p>\n<p>San dealachadh, measg nam molaidhean \u00e0s gach ce\u00e0rn a th\u2019 air tighinn troimhe mu dheidhinn Tormod, gu h-\u00e0raid air na bliadhnaichean mu dheireadh aige air ais ann an Uibhist, \u2019s iomadh duine a th\u2019 air iomradh a thoirt air cho deidheil \u2019s a bha e air cuideachadh a thoirt don \u00f2igridh sna h-eileanan a bha a\u2019 feuchainn ri gr\u00e8im a chumail air ce\u00f2l agus cultar na G\u00e0idhlig. Bha sin cho soilleir \u2019s a ghabhas san fhilm eile seo a rinn e airson Guthan nan Eilean, san t-sreath \u201c<a href=\"hhttps:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/the-great-war\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">The Great War<\/a>\u201d a chuir M\u00e0iri Mhoireasdan ri ch\u00e8ile. Sgr\u00ecobh e na rannan seo gu s\u00f2nraichte airson na cloinne aig Sgoil Ch\u00e0irinis (an sgoil dhan deach a mh\u00e0thar, agus i air a h-athair fh\u00e8in a chall sa chogadh). Tha teachdaireachd sh\u00f2nraichte aige dhaibh, agus ch\u00ecthear gu soilleir cho m\u00f2r \u2019s a bha e a\u2019 c\u00f2rdadh ris a bhith ga l\u00ecbhrigeadh \u2013 agus, gun teagamh, mar a chord e riuthasan a bhith ga \u00e8isteachd. Abair d\u00ecleab!<\/p>\n<p><iframe loading=\"lazy\" title=\"Norman Maclean: \u00d2ran do sgoilearan Ch\u00e0irinis\" width=\"656\" height=\"492\" src=\"https:\/\/www.youtube.com\/embed\/WjA2vrpeqBw?feature=oembed\" frameborder=\"0\" allow=\"accelerometer; autoplay; clipboard-write; encrypted-media; gyroscope; picture-in-picture; web-share\" referrerpolicy=\"strict-origin-when-cross-origin\" allowfullscreen><\/iframe><\/p>\n<p>Tha ar co-fhaireachdainnean a\u2019 dol dhan teaghlach aige, agus dhan h-uile duine a bha dl\u00f9th ris, no a choimhead \u00e0s a dh\u00e8idh sna bliadhnaichean mu dheireadh. Agus tha sinn gu s\u00f2nraichte an comain Peigi is Mike Townsend a chuidich sinn le bhith a\u2019 cur na cl\u00e0raidhean mu dheireadh air d\u00f2igh, a bharrachd air a h-uile rud eile a rinn iad airson Tormod. \u2019S cinnteach nach bi a leithid ann a-rithist, ach tha sinn cho taingeil aig Guthan nan Eilean gun robh e cho de\u00f2nach ar cuideachadh. Ged a bhios e fh\u00e8in agus an c\u00e0nan aige bhuainn a-nis, \u2019s e a thug eisimpleir dhuinn. Tha cothrom agus c\u00f2ir againn an eisimpleir sin a leantail. Fois sh\u00ecorraidh dha anam.<\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Tha beagan \u00f9ine air a dhol seachad a-nis on a chaochail Tormod MacGill-Eain (31\/08\/17) aig aois 80 bliadhna. Agus chaidh t\u00f2rr a sgr\u00ecobhadh ma dheidhinn mar-th\u00e0, ann am p\u00e0ipearan naidheachd is eile, far an deach a mholadh gu m\u00f2r: The Times (Peter Ross) The Herald (Phil Davison) The West Highland Free Press (Angus Peter Campbell) &hellip; <a href=\"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/2017\/09\/18\/dileab-thormoid-dhuinn\/\" class=\"more-link\">Continue reading <span class=\"screen-reader-text\">D\u00ecleab Thormoid<\/span><\/a><\/p>\n","protected":false},"author":2,"featured_media":0,"comment_status":"open","ping_status":"open","sticky":false,"template":"","format":"standard","meta":{"footnotes":""},"categories":[3,5,6,7,8],"tags":[],"class_list":["post-3908","post","type-post","status-publish","format-standard","hentry","category-call","category-community","category-research","category-ugc","category-video"],"_links":{"self":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/3908","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/posts"}],"about":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/types\/post"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/users\/2"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=3908"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/3908\/revisions"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=3908"}],"wp:term":[{"taxonomy":"category","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/categories?post=3908"},{"taxonomy":"post_tag","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.northpost.co.uk\/uhi\/wp-json\/wp\/v2\/tags?post=3908"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}