Càirinis – mar a bha..

Bha deagh chòmhradh o chionn greis eadar Sìne Stiùbhart (Caraidean Uibhist) agus Norma NicDhòmhnaill, agus Norma a’ cuimhneachadh a h-òige ann an Càirinis, Uibhist a Tuath. Bha sgeulachdan gu leòr aig Norma mun teaghlach aice, an nàbhaidhean agus an caraidean. Nach eil sinn fòrtanach gun robh i deònach an innse dhuinn! Deagh naidheachd ann an deagh Ghàidhlig!

‘S cinnteach gum bi daoine eile sa choimhearsnachd le sgeul ri innse. Cùm ort, a Shìne!

Faodar an còmhradh a chluinntinn an seo.

(English introduction in Am Pàipear here.)

Listen to the Whale Song

Is there something in the air in Berneray? Here’s another new blog from the same island – “Pàdruig’s Woven Words” – from Peter Kerr this time. Peter writes poetry and prose, and takes beautiful pictures, and has started publishing them on his “Berneray Bàrdachd” WordPress site.

And now he’s gone a step further still. In this “Whale Song” post we can hear him reading aloud a piece he wrote reflecting on a recent experience.

Check out this new Island Voice!

And remember, there’s room for many more!

Guthan Uibhisteach

Seo pìos inntinneach a thèid leis an naidheachd mun leabhar “Puirt-à-Beul” a thàinig a-mach as ùr o chionn treiseag. Rinn Holly Gibb bhidio dhen taisbeanadh aig na dannsairean is na seinneadairean aig òraid Will Lamb aig Ceòlas. Abair “Guthan nan Eilean” – Rona Lightfoot, Kathleen Nic Aonghuis, agus Sìneag Nic an t-Saoir!

Agus seo na faclan – ma tha sibh airson seinn còmhla riutha…

“Innis dhomhsa cài’l thu cadal” agus “Nam biodh agam trustar bodaich”.

Ceud taing do Holly airson cead am bhidio a shealltainn an seo!

[youtube http://www.youtube.com/watch?v=WJI4N3R88X4?rel=0]

(English introduction in Am Pàipear here.)

From the Water’s Edge

Berneray resident Loriana Pauli has created a marvellous multimedia and multilingual blog – “From the Water’s Edge”. It’s a lovely collection of thoughts and questions, poems and pictures.

Loriana also brings humour into her work. “Oh, dear! What can the machair be?” is a title that demands closer investigation – investigation that is rewarded with both educative text and stunning photographs.

And her blog includes speech as well as writing. Loriana, among many other skills, has a unique interviewing style, and has already recorded illuminating conversations with Pauline Prior-Pitt of the Uist Writers’ Group, and with the co-ordinators of both Caraidean Uibhist (The Uist Befriending Group) and Guthan nan Eilean.

We look forward to hearing many more “Island Voices” on this blog!

Molaidhean do Volker?

Cò an duine snog còir sin a tha ag obair aig Bùth Niallaidh? Duine às a’ Ghearmailt aig a bheil a’ Bheurla cho math, agus a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig a-nist? Cò ach Volker! Cha mhòr nach bi a h-uile duine ann an Uibhist eòlach air mar-thà. Ach ’s cinnteach nach bi fios aig mòran dè an cur-seachad sònraichte a th’ aige…

Tha Volker air a bhith a’ tighinn dha na coinneamhan sa choimhearsnachd air Guthan nan Eilean leis gu bheil ùidh aige an dà chuid ann an cànain Uibhist agus ann an obair “air-loidhne”. Carson? O chionn ’s gur toil leis a bhith a’ dèanamh modalan beaga bìodach, agus a’ taisbeanadh a chuid obrach air an làrach aige fheìn.

Agus tha agallamh leis a-nis ri leughadh an seo. Tha Volker fhathast ag ionnsachadh na Gàidhlig. Mar sin, ’s ann sa Bheurla a tha an t-agallamh seo. Ach, cò aige tha fios, an ceann mìos no dhà ’s dòcha gum bi e a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig cuideachd?

Co-dhiù, mar a chì sibh, tha ceist aige airson muinntir Uibhist. Siuthadaibh, dè bhur beachdan?

(English version in Am Pàipear here.)

Sianail Phàdruig

Tha Pàdruig Moireasdan air sianail ùr aige fhèin a stèidheachadh air Ipadio. Ach an àite a bhith ga cleachdadh airson phonecasts a dhèanamh, tha e air tòiseachadh le faidhlichean MP3 a chur oirre.

Tha CD a’ dol leis an leabhar aig a sheanair, “Thugam agus Bhuam”, air a bheil Lachlann Phàdruig (athair Phàdruig òig) a’ gabhail feadhainn dhe na h-òrain aig athair fhèin agus e a’ còmhradh le Gordon Wells. Tha Pàdruig òg air an cur air-loidhne a-nis, gus an tèid aig luchd-ionnsachaidh is eile air an cluinntinn gu furasta. ‘S e goireas ùr cuideachail a tha seo. Agus ma tha sibh airson na faclan fhaicinn cuideachd chan fheum sibh ach an leabhar fhaighinn… Nach math a rinn e!

http://www.ipadio.com/channels/PadruigMorrison